
Thèid bàta-teasairginn clas Atlantic 85 a cheann a deas na Hearadh air deuchainn a mhaireas dà bhliadhna.
Thèid bàta-teasairginn nas lugha a chur dhan t-Òb anns na Hearadh mar fhuasladh air cion criutha anns an sgìre.
Tha am bàta a th' ann, clas Shannon, air a bhith na tàmh tòrr den ùine bhon t-Samhain 2019.
Thàinig Institiud Rìoghail nam Bàtaichean Teasairginn, an RNLI, an dèidh conaltraidh, dhan cho-dhùnadh gun cuir iad bàta clas Atlantic 85 a cheann a deas na Hearadh air deuchainn 'son dà bhliadhna a dh'fhaicinn am bi i sin nas fhreagarraiche.
Ach thuirt an RNLI mura bi sin seasmhach, gum feum iad coimhead air roghainnean eile leithid am bàta a ghluasad gu àite eile no a toirt air falbh uile gu lèir.
Thuirt neach-labhairt bho sgioba teasairginn na sgìre gun robh iad misneachail gun rachadh an t-seirbheas a lìbhrigeadh ann an dòigh sheasmhach.
Tha am bàta ùr air a slìghe dhan t-Òb a-nis agus tha obair air thòiseachadh gus trèanadh a bharrachd a thoirt dhan sgioba ionadail ann a bhith a' cleachdadh bàta den chlas seo.