
Tha a' bhuidheann Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ag ràdh gu bheil ath-leasachadh air suidheachadh an fhearainn deatamach gus dèiligeadh ri buaidh a' phandemic agus èiginn na gnàth-shìde.
Tha a' bhuidheann air seo a chur an cèill ann am pàipear comhairleachaidh a tha iad a' sgaoileadh gu buill Pàrlamaid na h-Alba.
Thàinig gealltanas bho Riaghaltas na h-Alba agus am Pàrtaidh Uaine an t-seachdain seo chaidh air bile ùr a thaobh ath-leasachaidh fhearainn ro dheireadh na bliadhna 2023.
Tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a' cur fàilte air a' bheachd gum bu chòir adhartas a dhèanamh gus cothrom nas fheàrr a thoirt do choimhearsnachdan fearann a ghabhail thairis.
Thuirt iad gu bheil rannsachadh air sealltainn gu bheil taic làidir am measg an t-sluaigh airson tuilleadh leasachaidh is barrachd fearainn air an dùthaich agus anns na bailtean mòra a chur ann an làmhan choimhearsnachdan.
Thog iad dragh mu shubsadaidhean uaine do dh'fheadhainn a tha 'son oighreachdan mòra a cheannach, is iad ag ràdh nach eil a bhith a' toirt barrachd airgid do dh'fheadhainn a tha beartach mar thà - is gun ghuth air dè tha math do choimhearsnachdan - ag obair mar phàirt de dh'oidhirp gluasad gu cothromach gu eaconomaidh chàrboin neoni.
Thuirt iad gun robh buidhnean coimhearasnachd cudromach dha-rìribh tro staing Chovid, is gu bheil ath-leasachadh fearainn aig cridhe a bhith gluasad seachad air buaidh a' phandemic agus dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde.