
Tha poilis air Ghàidhealtachd a' sireadh fiosrachaidh an dèidh droch thubaist-rathaid ann an Loch Aillse.
Thachair an tubaist mu 1:00f Didòmhnaich, 22na Lùnastal, nuair a bhuail càr Honda Jazz ann an Skoda Rapid air an A87, eadar an Caol agus Baile MacAra.
Chaidh boireannach aois 73, a bha a' siubhal anns an Skoda, a sgèith gu Ospadal Rìoghail Ghlaschu is i ann an cunnart a beatha.
Thugadh fireannach, 58, a bha a' dràibheadh an Honda a dh'Ospadal Oilthigh na Bàn-righinn Ealasaid 's e air a dhroch ghoirteachadh, agus thugadh boireannach, 55, a bha a' siubhal còmhla ris a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis.
Bha an rathad dùinte mu 15 uair de thìde fhad 's a rinneadh làn-rannsachadh.
"'S e droch thubaist dha-rìribh a bha seo, agus tha an rannsachadh againn a' leantainn feuch dè dìreach a thachair," thuirt an Sgt Ewan Calder, bho Aonad Poilis Rathaidean a' Ghearasdain.
"Dh'iarrainn air duine sam bith a bha a' dràibheadh san sgìre aig an àm 's a dh'fhaodadh a bhith air fear seach fear de na càraichean ro làimh, no duine aig a bheil dealbhan dashcam a dh'fhaodadh ar cuideachadh, bruidhinn rinn.
"Faodaidh duine sam bith le fiosrachadh bruidhinn rinn air an àireimh-fòna 101, a' toirt seachad àireamh 1969 bhon 22na là den Lùnastal".
Aig a' cheart àm chaidh balach, dà bhliadhna de dh'aois, a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist eadar dà charbad ann an Gallaibh.
Chaidh a thoirt a dh'Ospadal Rìoghail na Cloinne ann an Glaschu, 's e ann an cunnart a bheatha an dèidh na tubaiste air an A99 faisg air Liabost mu 4:45f Didòmhnaich.
Chaidh triùir bhoireannach, ais 25, 26, agus 44, cuideachd a dhroch ghoirteachadh san tubaist.
Chaidh an dithis bhoireannach as òige a thoirt a dh'Ospadal Rìoghail Obar Dheathain, agus thugadh an treas tè a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis.
Bha an rathad dùinte mu ochd uairean de thìde fhad 's a rinn na Poilis rannsachadh.
Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh tighinn air adhart.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An Lùnastal 2021
