
Rùnaire an Dìon Ben Wallace is e a' tadhal air Dùn Deòrsa a bhruidhinn ris na saighdearan mus do dh'fhalbh iad
Tha mu 200 saighdear bho 3 Scots aig an Fhreiceadan Dubh a-nis air a' Ghàidhealtachd fhàgail is iad a' dèanamh deiseil airson falbh a dh'Afganastan.
Choinnich Rùnaire an Dìon, Ben Wallace, ris na saighdearan aig Dùn Deòrsa mus do dh'fhalbh iad.
Dh'innis e dhaibh gur e suidheachadh a bhiodh tric ag atharrachadh a bha romhpa.
Thathar an dùil gun cuir am Prìomhaire, Boris Johnson, ìmpidh air Aimeireaga gun a bhith a' tarraing nam feachdan acasan às an dùthaich ro luath.
Tha Mgr Johnson an dòchas gun toir seo barrachd ùine dhaibh daoine a tha ann an cunnart a thoirt às an dùthaich.
Smachd
Tha coltach gu bheil na mìltean fhathast a' feitheamh aig port-adhair Khabul airson faighinn a-mach às an dùthaich, seachdain às dèidh dha na Taliban smachd fhaighinn air prìomh bhaile na dùthcha.
Thuirt Rùnaire an Dìon, Ben Wallace: "Tha e cudromach soraidh slàn fhàgail aig na saighdearan is iad a' falbh agus innse dhaibh dè dh'fhaodadh a bhith romhpa."
"Tha 3 Scots nam pàirt den phrìomh sgioba a tha air an trèanadh airson a bhith deiseil airson dèiligeadh ri suidheachaidhean mar seo.
"Chan eil mi a' smaointinnn gu bheil coltas sam bith ann gum fuirich sinn às dèidh dha na h-Aimeireaganaich falbh.
"Ach ma dh'fhuiricheas iad là no dhà a bharrachd bheir sin dhuinn an cothrom barrachd dhaoine fhaighinn a-mach," thuirt Mgr Wallace.