
Tha sgapadh de Chovid aig àrd-sgoil an dèidh toirt air NHS na Gàidhealtachd riaghailtean nas cruaidhe a chur an sàs a thaobh sgoilearan a bhith gan cumail fhèin air leth bho dhaoine eile.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum bu chòir dhan a h-uile sgoilear air an t-siathamh bliadhna aig Sgoil Ghràmair Bhaile nan Granndach fèin-aonarachadh airson deich là, is cùisean den bhìoras an dèidh bhith a' dol am meud thairis air na làithean mu dheireadh.
Thuirt an sgoil gu bheil iad air a bhith fortannach chun seo nach robh aca ri dèiligeadh ri sgapadh mar seo.
Tha an riaghailt ùr a' buntainn ri C6 a-mhàin.
Thèid measadh ùr a dhèanamh feuch am feumar a' chomhairle atharrachadh airson sgoilearan eadar C1 is C5.