Moladh do NHS na Gàidhealtachd airson 's mar a dhèilig iad ri burraidheachd

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Rathaig Mhòir
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ospadal an Rathaig Mhòir an Inbhir Nis air tè de làraichean NHS na Gàidhealtachd ris a bheil seirbheisan slàinte an Earra-Ghàidheal an urra cuideachd.

Tha dotairean a thog dhraghan mu bhurraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd air a' bhòrd slàinte a mholadh airson a bhith a 'cur cheisteachan gu luchd-obrach mar phàirt den oidhirp smachd fhaighinn air maoidheadh agus giùlan mì-iomchaidh.

Ghabh mu 40% den luchd-obrach air a' Ghàidhealtachd agus an Earra-Ghàidheal pàirt anns an rannsachadh air an robh Èisteachd agus Ionnsachadh.

Ach fhuaireadh gum bheil e fhathast na adhbhar dragh dhaibh gu bheil burraidheachd fhathast a' dol taobh a-staigh na seirbheis.

Tha Dtr Iain Ceanadach am measg buidhinn de dhotairean-teaghlaich a thog draghan mu bhurraidheachd an toiseach.

Tha esan a' creidsinn gum bu chòir moladh a dhèanamh air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd airson an ceisteachain ach thuirt e gun do sheall e gur dòcha gu bheil cuid fhathast ri burraidheachd.

Taobh a-staigh ospadailTùs an deilbh, Getty Images

Thuirt e gur e adhbhar iomnaidh nach tuirt ach 15% den fheadhainn a fhreagair an ceisteachan den bharail gun deach atharrachaidhean matha a chur an gnìomh.

Thuirt an Dtr Ceanadach cuideachd nach deach an ceisteachan a chur gu dotairean-teaghlaich, fiaclairean agus eòlaichean-fradhairc a tha ag obair don ùghdarras slàinte ach nach eil air am fastadh leotha agus e den bheachd gum bu chòir an cuid bheachdan fhaighinn cuideachd.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd fhèin gu bheil an ceisteachan a' sealltainn gu bheil a' bhuidheann air an t-slighe cheart.