
Chaidh Linda Norgrove, a bhuineadh do Leòdhas, a mharbhadh ann an Afganastan san Dàmhair 2010.
Tha carthannas a tha stèidhichte ann an Leòdhas ag ràdh gun cùm iad orra a' feuchainn ri an co-obraichean agus an teaghlach ann an Kabul fhaighinn a-mach às an dùthaich.
Stèidhich John agus Lorna Norgrove an carthannas an cuimhne an nighinn, Linda, a chaill a beatha nuair a dh'fheuch feachdan Aimeireaganach ri a saoradh 's i am bruid aig na Taliban.
Tha dithis pheathraichean ag obair dhaibh ann am prìomh-bhaile Afghanastan ach cha d'fhuair iadsan agus an dlùth-chàirdean - leanabh naoi mìosan de dh'aois nam measg - a-mach às an dùthaich.
Tha iad a-nis air ais dhachaigh ach tha e coltach gun robh iad faisg air dà là a' feitheamh aig fear de gheataichean a' phuirt-adhair air bus, neo glacte san t-sluagh mhòr an-fhoiseil a bha air cruinneachadh ann.
Thuirt Bunait Linda Norgrove gu bheil iad an dòchas gun tèid aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an cuideachadh faighinn às an dùthaich 's na beagan sheachdainean ri thighinn agus gun dèanadh iadsan na b' urrainn dhaibh airson gun tachradh sin.
A dh'aindeoin an troimh-chèile agus an ùpraid thuirt iad nach sguir an obair a' cumail taic ri boireannaich agus clann an Afghanastan.
Tha an carthannas cuideachd a' feuchainn ri 20 oileanach boireann, a bha a' trèanadh airson a bhith nan dotairean agus ris an robh a' Bhunait a' cumail taic, a thoirt gu sgoiltean meadaigeach an Alba airson crìoch a chur air an cùrsaichean.