Rabhadh mu chion an uisge

  • Air fhoillseachadh
Tap uisgeTùs an deilbh, Getty Images

Tha Uisge na h-Alba ag iarraidh air daoine an cuideachadh ann an bhith a' cùmhnadh bùirn leis gu bheil ìrean aig cuid de stòran-uisge cho ìosal sa bha iad ann an 18 bliadhna.

Dh'innis a' chompanaidh uisge gur e seo an dàrna samhradh as tiorma a th'air a bhith aig mòran de dh'Alba ann an 160 bliadhna.

Tha iarrtas airson uisge fhathast àrd, aig suas ri 100 millean liotar a bharrachd air nas àbhaist ga chosg gach là.

Am meadhan an t-samhraidh le daoine a' cur uisge air planntaichean agus a' lìonadh amaran sa ghàradh, bha mu 200 millean liotair a bharrachd a dhìth air an t-seirbheis agus mhair sin fad seachdain.

Aig an àm sin b'fheudar do chòrr is 30 tancair uisge a bhith air an cleachdadh airson cur ris na bh' ann de dh'uisge.

Tuairmse

Thuirt a' chompanaidh nach robh uiread de dh'fheum aca air tancairean air a' mhìos seo ach gun robh iad fhathast gan cleachdadh ann ann sgìrean leithid Taigh na Bruaich an Earra-Ghàidheal agus san Eilean Sgitheanach.

Tha tuairmse air an t-sìde a' toirt beagan dòchais gun tig uisge san t-Sultain ach gum bì sìde thioram ri thighinn san Dàmhair agus san t-Samhain.

Thuirt Kes Juskowiak, manaidsear obair an uisge aig Uisge na h-Alba: "Tha e coltach gu leòr gum biodh daoine a' smaointinn air sailleibh gun robh sinn aig deireadh an t-samhraidh, gun robh na sgoiltean air ais, agus bhon a bha uisge trom againn bho chionn ghoirid, nach biodh trioblaid sam bith againn leis an uisge."

"Ach tha sin fada bho bhith ceart agus tha e na dhùbhlan dhuinn fhathast an ìre de dh'uisge a th' againn a chumail aig an àbhaist.

"Chan urrainn dhuinn sian a dhèanamh mu dheidhinn na sìde ach 's urrainn do dhaoine ar cuideachadh le bhith a' cleachdadh uisge ann an dòigh a tha èifeachdach," thuirt Mgr Juskowiak.