Glag Chille Brìde

Chaidh leth-bhreac de sheann ghlag a bha a rèir choltais ann an St Helena aig àm Napoleon a' dheanamh agus fhoillseachadh air an deireadh sheacdain.

B' àbhaist dhan ghlag a bhith ann an eaglais Chille Brìde, deas air an Òban, ach tha i sin an-diugh na tobhta, agus bha an glag air chall.

Chan eil fada ann bhon a chaidh a lorg as ùr ge-ta mar a tha Andreas Wolff ag aithris.