
Tha Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhorbeis, ga cumail fhèin fa leth an dèidh a bhith faisg air cuideigin na teaghlach le Covid-19.
Dh'innis BPA an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach gum feum i cumail fa leth leis gu bheil nas lugha na cola-deug ann bho fhuair i an dàrna dòs den bhanachdaich.
Fo na riaghailtean a th' ann an-dràsta, faodaidh feadhainn a bha faisg air neach eile leis a' bhìoras gun a bhith cumail fa leth ma tha deuchainn PCR air sealltainn nach eil Covid-19 orra, is iad cuideachd air dàrna dòs den bhanachdaich fhaighinn nas fhaide na cola-deug air ais.
'S e sin a dh'fhàg gun robh e comasach dhan Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gun a bhith a' cumail air leth nuair a sheall deuchainn PCR nach robh am bhìoras oirre-se, is i air a bhith faisg air neach le Covid-19.
Dh'innis Ceit Fhoirbeis gun cùm i oirre ag obair bhon dachaigh le ceangal air-loidhne ris a' Phàrlamaid ann an Dùn Èideann.