Naidheachdan 11:00m
Afganastan
Thuirt na Taliban gur ann acasan a tha buaidh sa chogadh an aghaidh nan Stàitean Aonaichte 's nan dùthchannan eile, an dèidh dhan fheadhainn mu dheireadh de na feachdan Aimeireaganach Afganastan fhàgail. Thuirt fear-labhairt nan Taliban gm bu chòir sin a bhith na rabhadh do dhùthaich sam bith eile a dh'fhaodadh gnothach a ghabhhail ri Afganastan. Ach thuirt e gu bheil na Taliban ag iarraidh càirdeas math ris na Stàitean Aonaichte agus an còrr den t-Saoghal.
Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Dominic Raab, nach urrainn dha innse le cinnt cia mheud Afganach, a tha airidh air tighinn a Bhreatainn, a chaidh fhàgail air dheireadh ann an Afganastan. Thuirt e nach eil dearbhadh sam bith ann gu bheil, mar a tha cuid de Bhuill-Phàrlamaid a' cumail a-mach, cho mòr ri 7,000 Afganach anns an t-suidheachadh sin.
Ceit Fhoirbeis
Tha Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhorbeis, ga cumail fhèin air leth an dèidh a bhith dlùth air cuideigin na teaghlach le Covid. Thuirt i gun cùm i oirre a obair bhon dachaigh le ceangal air-loidhne ris a' Phàrlamaid ann an Holyrood. Tha tighinn oirre fuireach air leth oir gu bheil nas lugha na cola-deug ann bho fhuair i an dàrna dòs den bhanachdaich.
Liosta Feithimh
Bha an àireamh as motha dhaoine riamh ann an Alba, faisg air 400,000, a' feitheamh ri eòlaiche slàinte fhaicinn aig deireadh an Ògmhìos. Tha figearan bho Bhuidhinn Slàinte a' Phobail ag ràdh gun deach 42,000 ris an an liosta sin san dàrna cairteal den bhliadhna, agus bha cha mhòr leth den àireamh gu lèir air a bhith a' feitheamh nas fhaide na trì mìosan.
Na h-Uainich
Bidh bhòt ann an Holyrood feasgar air àite do dhithis cho-cheannardan a' Phàrtaidh Uaine mar mhinistearan ann an Riaghaltas na h-Alba. Dhearbh Nicola Sturgeon dreuchdan co-cheangailte ris an àrainneachd do Phàdraig Harvie agus Lorna Slater, agus leis gu bheil mòr-chuid aig an SNP agus na h-Uainich eadar iad gheibh iad taic na Pàrlamaid. Tha sin a dh'aindeoin bhòt nan Tòraidhean a tha ag ràdh nach eil anns na h-Uainich ach radaigich a tha dona do ghnìomachas, leasachadh agus cosnaidhean.
Greta Thunberg
Thuirt tè-iomairt na h-àrainneachd, Greta Thunberg, nach eil i ag aithneachadh Alba mar dhùthaich adhartach a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde. Ann an agallamh do BhBC Alba thuirt i gu bheil cuid de dhùthchannan nas easgaidh ach nach eil gin dhiubh a' tighinn air an targaid. Thuirt i cuideachd nach aithne dhi fhathast an tèid i gu coinneimh mhòir COP26, na gnàth-shide ann an Glaschu san t-Samhain.
Rugbaidh
Tha dragh ann gu bheil dìreach aon sheusan a' cluich rugbaidh aig ìre phroifeiseanta a' dèanamh cron air an eanchainn. Rinn Oilthigh Cheann a Deas na Cuimrigh rannsachadh stèidhte air sgioba sna Stàitean Aonaichte. Sheall an rannsachadh crìonadh ann an sruth na fala ann an trì de na cluicheadairean, agus droch bhuaidh air cuimhne agus tuigse.