Naidheachdan 11:00m

Afganastan

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Dominic Raab, ann am Pagastan aig còmhraidhean mu shlighe shàbhailte a-mach à Afganastan do dh'fheadhainn aig a bheil cead tighinn a dh'fhuireach ann am Breatainn. Tha còrr is 3m fògarrach às Afganastan ann am Pagastan an-dràsta, agus tha na mìltean eile air cruinneachadh air na crìochan bho ghabh na Taliban smachd air Afganastan.

Hurricane

Thuirt an Ceann-Suidhe Biden gur e dearbhadh air atharrachadh na gnàth-shìde a th' anns na tuiltean mòra a dh'fhàg Hurricane Ida às a dèidh. Tha fios ann le cinnt a-niste gun do chaill 45 duine air a' char as lugha am beatha ann an ceann an ear-thuath nan Stàitean Aonaichte.

New Zealand

Thuirt Prìomhaire New Zealand, Jacinda Ardern, gur e ceannairceach a bh' anns an duine a thug ionnsaigh sgeine air sianar, gan leòn, ann am bùth mhòir ann an Aukland. Thuirt Ms Ardern gum b' aithne dha na h-ùghdarrasan an duine, a bhuineadh do Sri Lanka, agus a chaidh a mharbhadh nuair a loisg poilis air.

Fastadh

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil trioblaid mhòr ann a' fastadh luchd-obrach ann am mòran roinnean ann an Alba. Thuirt Caidreachas an Fhastaidh agus a' Chosnaidh gu bheil sia de na deich sgìrean as miosa san Rìoghachd Aonaichte a thaobh sin ann an Alba, le cion luchd-obrach gu h-àraid dona sna h-Eileanan Siar, ceann a tuath Shiorrachd Àir, ceann a deas Shiorrachd Lannraig, agus Sealtainn.

Teisteanas Banachdaich

Tha cothrom bho an-diugh aig daoine ann an Alba teisteanas banachdaich fhaighinn gu h-eileactronaigeach. Chaidh tòiseachadh orra sin ann an cruth pàipeir anns an Ògmhios, ach bha fàiligeadh annta a thaobh tèarainteachd. Bidh teisteanas a dhìth airson faighinn gu leithid chlubaichean-oidhche, fèisean-ciùil agus geamaichean ball-coise. Tha feadhainn a' cur teagamh ge-tà, ann na èifeachd na sgeama.

Hub Bharraigh

'S e tuigse a' BhBC gu bheil cosgais Hub Bharraigh air èirigh bho £53m gu £80m. Tha Comhairle nan Eilean Siar a-niste a' coimhead air an gabh cosgais a' champais, air am biodh goireasan foghlaim, slàite is cùraim còmhla, a ghearradh. Thuirt a' Chomhairle nach urrainn dhaibh innse le cinnt aig an ìre seo dè na chosgas am pròiseact gu lèir.