Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis ri reic?

  • Air fhoillseachadh
Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis

Dh'fhaodadh gun tèid fear de na togalaichean as eachdraidheil ann an Inbhir Nis a chur air a' mhargaidh.

Chaidh iarraidh air Clèir Inbhir Nis de dh'Eaglais na h-Alba beachdachadh air na thachras do Sheann Àrd-Eaglais a' bhaile, mar phàirt de cheumannan nas fharsainne gus lùghdachadh a thoirt air na tha de thogalaichean ris a bheil an eaglais an urra.

'S e an t-Seann Àrd-Eaglais an eaglais as sine ann an Inbhir Nis, le pàirtean den togalach cho sean ris an 14mh Linn.

Tha mòran eachdraidh ceangailte ris an làraich, agus traidiseanan ann gun robh Calum Cille a' searmonachadh ri muinntir na sgìre ann san t-6mh Linn.

Chaidh prìosanaich Sheumasach a chur gu bàs am measg leacan nan uaighean an dèidh Bhlàr Chùil Lodair ann an 1746.

Thuige seo, tha an togalach air a bhith na eaglais, ach tha ceist a-niste an lean sin.

Tha an coithional air a bhith ann an aonadh le Eaglais an Naomh Steafan ann an sgìre a' Chrùin den bhaile bho chionn 18 bliadhna.

Chaidh innse dhaibh ge-tà, nach gabh an dà thogalach cumail an-àirde tuilleadh.

Roghnaich iad aig coinneimh de Sheisean na Clèireach o chionn ghoirid, gur re Eaglais an Naomh Steafain a tha iad airson a chumail.

Ma thèid an co-dhùnadh sin a dhearbhadh le Clèir Inbhir Nis, dh'fhaodadh gun tèid Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a chur air a' mhargaidh.