
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil an cuideam air seirbheisean cùraim san dachaigh aig an ìre a chithear gu h-àbhaisteach tron gheamhradh.
Tha iad ag ràdh gu bheil an àireamh de dhaoine a tha dheth tinn 's an ìre de dhreuchdan bàn am measg nan adhbharan air cùl a' chuideim.
Mar thoradh air a seo, dh'fhaodadh gun tèid planaichean geamhraidh, leithid a bhith a' fasdadh luchd-obrach bhon taobh a-muigh agus ag iarraidh air teaghlaichean taic a bharrachd a thoirt seachad le uallachaidhean cùraim, a chur an sàs nas tràithe am-bliadhna.
Thuirt neach-labhairt bhon a' Chomhairle: "Tha e doirbh luchd-obrach bhon taobh a-muigh a thàladh air sgàth chion àitichean-fuirich 'son ùine ghoirid, a tha mar-thà fo iarrtas mhòr le saor-làithean.
"Tha an t-seirbheis a dèanamh gach oidhirp 'son dèiligeadh ris an seo, leis an dòchas gun urrainn dhuinn tilleadh gu seirbheis a fhreagras nas fheàrr air daoine, agus gum bi barrachd chunbhalachd ann a thaobh cò an luchd-obrach a thig, agus cuin.
Thabhainn iad leisgeul do dhuine sam bith a tha a' cleachdadh na seirbheis neo ball teaghlaich air a bheil na dùbhlain seo a' toirt buaidh.