Pròiseact ealain do chloinn Uibhist aig COP26

Tha cothrom aig òganaich ann an Uibhist na beachdan aca air atharrachadh na gnàth-aimsire a dhèanamh follaiseach aig àrd-choinneamh nan Dùthchannan Aonaichte air a' chuspair a thèid a chumail ann an Glaschu. Tha Taigh Chearsabhaigh ann an Uibhist a Tuath a' cruinneachadh teachdaireachdan ann am botail airson COP26 anns an t-Samhainn. Tha Shona NicDhòmhnaill a-nise ag aithris.