Oidhirp smachd fhaighinn air màl goirid

  • Air fhoillseachadh
Suaicheantas Chomhairle na Gàidhealtachd

Tha oidhirp ga dhèanamh 'son smachd fhaighinn air an àireimh de thaighean air a' Ghàidhealtachd a thathas a' cur a-mach air màl airson ùine ghoirid.

Tha draghan ann gu bheil e a' sìor fhàs duilich do dhaoine òga gu h-àraidh dachaigh fhaighinn.

Cuiridh fear-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd, An Comh. Bill Lobban, gluasad air adhart aig coinneimh den làn chomhairle Diardaoin a' moladh Bàideanach is Srath Spè a dhèanamh mar sgìre smachdachaidh do dh'àitichean-fuirich air màl geàrr-ùine.

Fon mholadh bhiodh e comasach do mhuinntir an àite am pròiseas dealbhachaidh a chleachdadh 'son cur an aghaidh iarrtais taigh a chur a-mach air màl 'son ùine ghoirid do luchd-turais.

Màl

"An-dràsta, chan eil, an ìre mhath, sgrùdadh sam bith ga dhèanamh air taighean a th' air an cur a-mach air màl," thuirt Mgr Lobban.

"Tha na puist-dealain agam làn le daoine a tha gu bhith às aonais dachaidh air sgàth gu bheil an taigh a bh' aca air màl 'son ùine fhada a-nis na àite-fuirich do luchd-turais.

"Sin an seòrsa rud a dh'fheumas sinn a sheachnadh," thuirt e.

Thuirt Mgr Lobban cuideachd ge-tà nach eil e a' ciallachadh gun deigheadh a h-uile àite-fuirich do shaor-làithean a chasg.

"Bhiodh e comasach fhathast do dhaoine an dachaidh aca a chur a-mach air màl ma tha iad a' fuireach ann làn ùine, bhiodh e comasach seòmar a chur a-mach air màl.

"Tha cuid de sgìrean feumach air àitichean-fuirich do shaor-làithean, 's e dìreach gur docha gu bheil cus dhiubh ann an cuid de sgìrean," thuirt e.