
Dh'aidich Àrd-oifigear HIAL gu bheil am pròiseact gus seirbhisean-iùil na companaidh a ghluasad a dh'Inbhir Nis air dheireadh.
Thuirt Inglis Lyon gur e briseadh-dùil a bh' ann an aithisg le Riaghaltas na h-Alba a thug iomradh air grunnan laigsean sa phròiseact.
Thuirt e ge-tà, gum biodh e deònach meòrachadh air a' mheasadh a chaidh a dhèanamh a thaobh sàbhailteachd a shealltainn do Chomhairle nan Eilean Siar.
Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig a' Chomhairle, Ùisdean Robastan, gun robh e cudromach am measadh fhaicinn gus "fiosrachadh agus cofhurtachd a thoirt dhuinn gu bheil an rud a tha iad a' dùileachadh a dhèanamh sàbhailte".
Droch bhuaidh
Tha Mgr Lyon ag ràdh gu bheil e mothachail air an droch bhuaidh a bheir am pròiseact air cuid.
"Tha sinne air a bhith ag obair leis na h-ùghdarrasan ionadail gus dòighean a lorg a' bhuaidh a lùghdachadh", thuirt e.
Dh'aidich e gu bheil e air freagairtean "measgaichte" fhaighinn bho na h-ùghdarrasan ach thuirt e gu bheil e dòchasach gun tèid adhartas a dhèanamh.