Dàil air planaichean iùil HIAL
Dh'aidich Àrd-Oifigear HIAL gu bheil am plana gus seirbheisean iùil nan plèanaichean a mheadhanachadh ann an Inbhir Nis a' ruith air dheireadh.
Thuirt Inglis Lyon cuideachd gur e briseadh-dùil a bh' ann an aithisg bho Riaghaltas na h-Alba a bh' air na h-uimhir de laigsean a nochdadh sa phròiseact.
A' bruidhinn aig Port-adhair Steòrnabhaigh, thuirt Mgr Lyon gun coimheadadh e air measadh sàbhailteachd a chaidh a dhèanamh air a' phròiseact bho chionn trì bliadhna a sgaoileadh gu Comhairle nan Eilean Siar. Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach ...