Dìon air taigheadas san amharc?

  • Air fhoillseachadh
Soidhne reic
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mòran thaighean gan ceannach airson a cur a-mach air màl ghoirid.

Dh'fhaodadh Comhairle na Gàidhealtachd sgìre smachdachaidh a chomharrachadh ann am Bàideanach agus Sràth Spè Diardaoin gus na bhiodh ann de thaighean air màl ghoirid a chuingealachadh.

Thathas ag amas air a dhèanamh nas fhasa cuir an aghaidh iarratasan dealbhachaidh airson taigh a dhèanamh na àite-còmhnaidh dha leithid AirBnB, agus draghan ann mu cho duilich 's a tha e do dhaoine òga dachannan fhaighinn sna sgìrean aca fhèin.

Tha am moladh a' tighinn bhon Chomh. Bill Lobban - a tha a' riochdachadh Bàideanach is Srath Spè.

Tha e ag ràdh gu bheil gnothachasan draghail mu dhìth luchd-obrach, leis nach eil cothrom aig daoine òga a ghabhadh na h-obraichean air taighean a lorg faisg air làimh - rud a tha a' toirt orra falbh gu àitichean eile.

Tha achd ùr a stèidhich Riaghaltas na h-Alba am-bliadhna a' ciallachadh gum faodar sgìrean a chomharrachadh far am feumar cead-dealbhachaidh 'son cleachdadh taighe atharrachadh.

Tha an achd ag amas air dèiligeadh ri gainnead taigheadais.

Aig an ìre seo chan fheum a h-uile atharrachadh a nìthear air cleachdadh togalaich cead-dealbhachaidh fhaighinn, mura h-eil atharrachadh susbainteach ann.