
Tùraichean Ionad Malairt na Cruinne nan teine.
Cha robh mise ach seachd bliadhna a dh'aois nuair a thug ceannaircich al-Qaeda ionnsaigh air na Stàitean Aonaichte air an 11mh den t-Sultain, 2001.
Tha beagan de chuimhne agam a bhith a' faicinn nan dealbhan air an telebhisean, agus gun robhar ag innse dhuinn sa sgoil an ath là mu dheidhinn. Bha fios agam gur e tachartas mòr a bh' ann, a bha air aire an t-saoghail a ghlacadh. Ach 's beag fios a bh' agam gun robh duine le ceanglaichean gu sgìre air a bheil mi fhèin gu math eòlach air a bheatha a chall an là sin.
Bha Gavin Cushny ag obair don chompanaidh ionmhais Cantor Fitzgerald, air an 104mh làr de thùr a tuath Ionad Malairt na Cruinne ann an New York. Air a' mhadainn a thug ceannaircich ionnsaigh air an togalach, stiùir iad itealan American Airlines Flight 11 a-steach eadar an 93mh agus an 99mh làr, a' glacadh a h-uile duine os on cionn, gun chothrom aca teicheadh. Bhàsaich a h-uile duine a bha ag obair do Chantor Fitzgerald a bha a-staigh air a' mhadainn sin.

Gavin Cushny, agus a charaid, Joyce
Bha Gavin air leth dèidheil air na Stàitean Aonaichte às dèidh dha gluasad bho Alba aig aois 25. Aig an àm sa, dh' atharraich e ainm bho shloinneadh an teaghlaich, Eales-White, gu Cushny, ainm a sheanmhair mus do phòs i. Ghluais an teaghlach gu Cros ann an Nis ann an 1969, agus goirid às dèidh seo, chaidh iad a dh'fhuireach ann an Dail bho Dheas. Bha Gavin na dheugaire aig an àm, agus chuir e seachad dha na thrì sheachdainean aig Sgoil MhicNeacail, mus do roghnaich e gum biodh e na b'fheàrr feuchainn airson na teisteanasan aige e fhèin, ag ionnsachadh aig an dachaigh.
Ged a dh'fhàg Gavin Alba aig aois òg, bha e fhathast a' faireachdainn dàimh làidir ris na h-eileanan. Mus do bhàsaich e, bha e an dùil tè a choinnich ris ann an Ameireagaidh a phòsadh, Susann Brady. 'S ann ann an Steòrnabhagh a bha iad an dùil pòsadh, aig Eaglais Naomh Pheadair sa bhaile, san Dàmhair, 2001. Nach beag a bha dùil aca gum biodh Gavin air a bheatha a chall dìreach mìos ron àm.

Eaglais Naomh Pheadair an Steòrnabhagh.
Dh'innis a bhràthair, Rupert Eales-White, dhomh gun deach e fhèin agus a mhàthair gu New York airson seirbheis chuimhneachaidh, agus gus an dust aige a thoirt dhachaigh leotha. Chaidh corp Gavin a lorg, an cuide ri neach eile, air staidhre, còmhla ri dusan neach-smàlaidh.
Le bratach nan Stàitean Aonaichte a' còmhdachadh na ciste, chaidh Gavin a thoirt air ais a Steòrnabhagh, agus chaidh a thìodhlacadh ann an Cladh Thàboist, ri taobh athair, a bha air bàsachadh na bu tràithe dhan bhliadhna.

Leac Gavin Cushny ann an Cladh Thàboist
Chuir e iongnadh air muinntir Nis gun robh cuideigin bhon sgìre aca fhèin air a bhith am measg na chaill am beatha ann an New York. Bha Coinneach MacLeòid eòlach air teaghlach Gavin, agus esan cuideachd a' fuireach ann an Dail bho Dheas.
"Tha mi a' smaoineachadh gun robh là neo dhà mus d' fhuair sinn a-mach gun robh Gavin Cushny am measg an fheadhainn a bha a dhìth, agus an uair sin chuala sinn gun do chaochail e. Bha bròn mòr sa sgìre aig an àm, agus tha fios agam gun robh tòrr dhaoine a' cuideachadh màthair Gavin aig an àm, agus gu math taiceil dhi. Bha i dìreach air an duine aice a chall dhà na thrì mhìosan ron sin, agus mar sin, bha i fhèin air a bhith a' dol tro thòrr, agus 's e buille mhòr dha-rìribh a bh' ann a bhith a' call a mac ann an 9/11", thuirt e.
Ged nach eil e a' faireachdainn gu bheil cho fada sin ann bho thachair ionnsaigh an 11mh den t-Sultain, thàinig e a-steach orm gur e ùine fhada a th' ann am fichead bliadhna nuair a thadhail mi air leac Gavin ann an Cladh Thàboist. Bha am peant air falbh bho na litrichean, agus bha crotal a' fàs mu thimcheall. A' bruidhinn ri bhràthair, Rupert, tha e follaiseach gu bheil na cuimhneachain fhathast prìseil ged a tha na bliadhnaichean a' dol seachad.
"Tha mi ga ionndrainn gu mòr. Tha mi fhathast ga ionndrainn às dèidh fichead bliadhna. Bidh mi a' cuimhneachadh air gu math tric."
A' coimhead aig an àm sa dhan bhliadhna air na dealbhan uabhasach a chuir goireasachadh oirnn uile, tha e duilich a chreidsinn gun robh fear am measg sin le ceanglaichean chun nan eilean againn fhèin, agus fianais a-rithist air mar as urrainn ceannairc bualadh air oisean sam bith den t-saoghal, is air duine còir a chaidh a thìodhlacadh aig aois fada ro òg air machair Thàboist.