Fireannach sa chùirt a thaobh stuth-spreadhaidh

  • Air fhoillseachadh
Cùirt an t-Siorraidh

Tha dùil gun nochd fireannach ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diluain fo chasaid gun robh stuth-spreadhaidh aige.

Dh'innis Poileas Alba gun deach duine, 51, a chur an grèim aig Cùirt MhicAnndrais ann an sgìre Mharc-Innis an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain.

Thuirt fear-labhairt bhon arm gun deach sgioba leotha le eòlas sònraichte air stuth-spreadhaidh chun na làraich às dèidh iarrtais bho Phoileas Alba.

Thathas a' tuigsinn gun deach feadhainn a tha a' fuireach faisg air làimh a ghluasad às na dachaighean aca 'son treis.