Ceistean croitearachd do Mhàiri Gougeon

  • Air fhoillseachadh
Taigh-croite agus croit

Tha buill-phàrlamaid aig Holyrood ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba mìneachadh carson nach eil iad a' cur reachdais ùir air adhart airson croitearachd.

Thèid Rùnaire nan Gnothaichean Dùthchail, Màiri Gougeon, fhiathachadh chun na h-ath choinneimh de Chomataidh Thar-phàrtaidh na Croitearachd.

Tha buill a' ceasnachadh carson nach robh guth air lagh croitearachd ùr ann am prògram reachdais an Riaghaltais airson na bliadhna romhainn, agus stiùir fhaighinn cuideachd air cuin a tha dùil ri leithid a-niste.

Sa Phàrlamaid mu dheireadh, bha lagh croitearachd ùr air fhaicinn mar phrìomhachas.

An uairsin, thàinig Brexit, agus Covid, is chaidh obair air bile ùr a chur an dàrna taobh.

Sin far a bheil e air laighe bhon uairsin an ìre mhath.

Feargach

Nuair a thàinig prògram reachdais an Riaghaltais an t-seachdain seo chaidh ge-tà, cha robh guth air ann a shin nas motha, a' fàgail Caidreachas na Croitearachd, a tha a' riochdachadh chroitearan, air an leamhachadh.

Dh'aontaich na bha an làthair aig a' chiad choinneimh den Phàrlamaid seo de Chomataidh Thar-phàrtaidh na Croitearachd oidhche Chiadain, cuireadh a thoirt do Rùnaire nan Gnothaichean Dùthchail tighinn dhan ath-choinneimh airson ceistean a fhreagairt.

Sgrìobh Caidreachas na Croitearachd cuideachd litir fhosgailte an t-seachdain seo ri Coimisean na Croitearachd, a' faighneachd am measg eile, dè a bharrachd a ghabhas dèanamh airson stad a chur air croitean a bhith gan toirt seachad airson cho mòr ri £200,000.

Thuirt riochaire bhon Choimisean ge-tà, gu bheil na tha san litir a' cur cheistean a tha a' dol nas fharsainne na tha cumhachdan a' Choimisein.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo chaidh gur e prògram aon bhliadhna a tha sa phrògram reachdais, agus ged nach eil bìle croitearachd sa phrògram am-bliadhna - gu bheil an Riaghaltas airson laghan croitearachd ath-leasachadh anns an teirm seo den Phàrlamaid.

Tuilleadh air an sgeulachd seo