
Bhiodh buannachd luach còrr is £200m sa bhliadhna an cois a bhith ag ath-bheothachadh mhòintichean na h-Alba, a rèir rannsachaidh ùir.
Tha an aithisg bho Cholaiste Dhùthchail na h-Alba ag ràdh gum biodh obair-càraidh air boglaichean mònach a' gearradh na tha de chàrbon a tha ga leigeil ma sgaoil dhan àrainneachd - rud a dh'fheumas a bhith air a chur ceart an uairsin nas fhaide air adhart.
Tha pailteas mònadh an Alba, agus stòras mòr de Chàrbon Dà-ocasaid glaiste innte.
Ach, tha mòran de mhòintichean na dùthcha ann an droch staid, agus air tiormachadh chun na h-ìre 's gu bheil iad a' leigeil tòrr chàrboin ma sgaoil dhan àrainneachd.
Tha a bhith gan ath-bheothachadh agus gan cumail ann an deagh staid na cheum cudromach gu Alba a bhith Càrbon-Neodrach.
Tha an aithisg seo a' cur luach eaconomaich na chois cuideachd - ag ràdh gun tèid airgead a shàbhaladh san àm ri teachd, ma thèid a chosg air glèidhteachas nam mòintichean an-dràsta.
Sàbhailidh e £200m sa bhliadhna, tha iad ag ràdh, ma thèid ìrean càrboin bho mhòintichean ann an droch staid a lùghdachadh ro 2027, seach 2050 mar a bhathas ag amas.