
Chaidh dithis a ghoirteachadh às dèidh do làraidh connaidh bualadh ann an aghaidh bùtha sa Mhanachainn Diardaoin.
Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn a h-Alba gun deach aig aon neach air am faighinn fhèin a-mach às an làraidh, agus gun tugadh neach eile a-mach le cuideachadh bhuapa fhèin.
Tha an duine sin a' faighinin cùraim bho luchd-eiridinn.
Dh'iarr na Poilis air an luchd-smàlaidh a dhol ann mu 12:47f, agus chuir iad 14 carbad-smàlaidh chun na làraich leis gur e làraidh connaidh a bh'ann.