Dàil ga iarraidh air pròiseas tairgse aiseagan

Dh'iarr Pàrtaidh Làbarach na h-Alba gun rachadh dàil a chur air a' phròiseas tairgse airson aiseagan ùra do dh'Ìle.

Tha seo a' tighinn às dèidh do CMAL dearbhadh nach eil Gàrradh MhicFhearghais air Chluaidh air a' gheàrr-liosta airson a' chùmhnant agus gur ann thall-thairis a tha na companaidhean uile.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cumail sùil gheur air suidheachadh a' ghàrraidh agus gum bi cothroman eile ann san ùine ri thighinn. Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn, Mìcheal MacNèill ...