
'S ann air an Longman ann an Inbhir Nis a bhiodh an losgadair sgudail ga thogail.
Tha an aon chomhairliche Uaineach air Comhairle na Gàidhealtachd air càineadh a dhèanamh air plana an ùghdarrais ionadail airson coimhead ri losgadair sgudail a stèidheachadh ann an Inbhir Nis.
Chruthaicheadh an t-ionad, a bhiodh air an Longman, cumhachd bho bhith a' losgadh sgudail a dhèigheadh a thiodhlaigeadh fon talamh gu h-àbhaisteach.
Tha a' Chomhairle a' tomhas gun cumadh e 80,000 tunna de sgudal a-mach às an talamh.
Chosgadh am pròiseact £185m.
Ach tha an Comhairliche Pippa Hadley, a tha a' riochdachacdh Bhàideanach 's Srath Spè, ag ràdh nach e losgadair an dòigh as fheàrr dèiligeadh ri sgudal.
"Saoilidh mi gum faodadh sinn a bhith ag amas nas àirde na seo," thuirt i.
"Saoilidh mi gu bheil seo an aghaidh amasan an Riaghaltais a thaobh eaconomaidh chearcallaich.
"Agus tha barrachd dhleastanasan gan cur air luchd-reic a thaobh stuthan pasgaidh.
"Tha cuideachd sgeama tillidh nam botalan a' tighinn air adhart, agus mòran eile.
"Bidh buile aige sin. Bheir e lùghdachadh air na tha de sgudal ann, agus tha mi an dòchas, mar a thèid sinn air adhart le seo, gum falbh am feum air leithid de rud ri losgadair."
Thuirt i gu bheil i an dòchas nach bi feum air le mar a tha beachdan a' phobaill ag atharrachadh.