
Fhuair còrr is 50 pròiseact Gàidhlig taic-airgid bho mhaoin a tha ag amas air ùghdarrasan poblach a chuideachadh na planaichean Gàidhlig aca a chur an sàs.
Chaidh cha mhòr £600,000 bho Mhaoin Ghnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) a roinn eatorra.
Fhuair Comhairle nan Eilean Siar £20,000 airson clasaichean Gàidhlig a thoirt do na preantasan aca.
Fhuair an t-ùghdarras cuideachd £2,300 airson a chosg air prògram sgilean cànain aig eSgoil agus fhuair iad £11,250 a bharrachd gus cothrom a chruthachadh do suas ri 15 oileanaich aig a bheil Gàidhlig greis-gnìomhachais samhraidh a dhèanamh ann an obair far am bi iad a' cleachdadh na Gàidhlig.
Tha Comhairle Baile Ghlaschu a' faighin £25,000 gus Oifigear Ionnsachaidh Teaghlaich airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig fhastadh.
Cumaidh an t-oifigear sin taic gu sònraichte ri cloinn aig tràth-ìrean.
Bidh Comhairle Baile Dhùn Èideann cuideachd a' fastadh Oifigear Leasachaidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig às dèidh dhaibhsan maoineachadh de £32,000 fhaighinn.
Tha Sabhal Mòr Ostaig, Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta agus Comhairle Pheairt is Cheann Rois am measg nam buidhnean eile a fhuair taic.
Gheibhear làn chunntas air na pròiseactan a fhuair maoineachadh air làrach-lìn GrantNav, taobh a-muigh.