"Bile Croitearachd ùr a dhìth"

Lean Comataidh na Croitearachd aig Comhairle nan Eilean Siar mòran bhuidhnean eile le mì-thoileachas a nochdadh mu mar a chaidh prògram reachdas an riaghaltais airson na bliadhna a tha romhainn fhoillseachadh gun sgeul air bile ùr mun chroitearachd.

A rèir chathraiche na comataidh, chan urrainn adhartas sam bith a dhèanamh leis na duilgheadasan a tha mu choinneimh chroitearachd mura tig bile ùr.

Seo Dòmhnall MacLaomainn.