
Tha Jean-Pierre Robinet ag ràdh gu bheil an t-àm ann gluasad air adhart às dèidh 10 bliadhna ann an Cnòideart.
Tha dùil aig a' choimhearsnachd ann an Cnòideart ri fiosrachadh bho Mhaoin Fearainn na h-Alba a dh' aithghearr air a bheil iad a' faighinn maoineachadh a tha a dhìth orra gus taigh-seinnse an Old Forge ann an Inbhir Aoidh a cheannach.
Tha buidheann choimheasnachd an Old Forge air a bhith ag iomairt fad mhìosan gus an taigh-seinnse a cheannach, agus dh'fhaodadh gum faigh iad seachad air a' chnap-starra mu dheireadh an t-seachdain-sa.
Tha iad a' feitheamh ri co-dhùnadh bho Mhaoin Fearainn na h-Alba, is iad mar-thà air còrr is £200,000 a thogail bho earrannan coimhearsnachd, a chaidh a chur air bhonn direach bho chionn cola-deug.
Tha dithis neach-ceannach prìobhaideach air ùidh a chur an cèill, ged nach deach gabhail ri tairgse sam bith fhathast.
Tha an Old Forge aithnichte mar an taigh-seinnse as iomallaiche ann am Breatainn, is tha e air a' mhargaidh airson tagraidhean nas àirde na £425,000.