Naidheachdan 11:00m
Cha tug an Ceann-suidhe Biden mòran dòchais do dh'aonta malairt leis an Rìoghachd Aonaichte an dèidh dha fhèin agus Boris Johnson coinneachadh anns an Taigh Gheal an-dè. Tha e coltach gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' beachdachadh a-niste air pàirt iarraidh san aonta a th' ann mar-thà eadar na Stàitean Aonaichte, Canada agus Meacsaco.
Tha e coltach gur e mearachd a rinn luchd-obrach is coireach gu bheil còrr 's 130,000 duine nach d'fhuair uimhir de pheinnsean stàite 's bu chòir dhaibh. Thuirt Oifis Nàiseanta a' Chunntais gu bheil suim £9b ann uile gu lèir agus gun do chuir siostam coimpiutair sean agus riaghailtean toinnte ris an trioblaid. Bheir Roinn na h-Obrach 's nam Peinnsein mu £9,000 an duine sa chumantas dhan fheadhainn air am faigh iad sealbh.
Thuirt Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, gu bheil e a' dèanamh a dhichill leapannan a shaoradh ann an siostam NHS na h-Alba. Tha sin aig an dearbh àm 's tha Riaghaltas na h-Alba a' feuchainn ri cobhair a dhèanamh air seirbheisean nan carbadan eiridinn le bhith a' fasdadh cuideachaidh bhon arm, an t-seirbheis smàlaidh, a' Chrois Dhearg, agus companaidhean tacsaidh.
Tha dòchas ann air ceudan chosnaidhean ùra aig seann ghàradh ola Àird nan Saor faisg air Inbhir Nis far am bheil am buidheann BW Ideol an dùil leacan concrait a thogail do thuathan-gaoithe aig muir. Thèid tòiseachadh air an ath-mhìos a' sgioblachadh agus ag ullachadh na làraich, a dhùin bho chion fichead bliadhna, agus tha dùil gum fosgail an gàradh ron àm seo an ath-bhliadhna ma 's e agus gum faigh a' chompanaidh an cead a tha iad ag iarraidh.
Tha Ineos, am buidheann dhan buin ionad peatro-cemigeach Inbhir Ghrainndse, am beachd £1b a chosg ag amas air truailleadh càrboin na làraich a ghearradh gu neoni ro 2045. 'S ann ri cumhachd haidreadsein a tha iad a' coimhead airson sin le bhith a' glacadh agus a' stòradh càrboin ged a tha feadhainn de bhuidhnean glèidhidh na h-àrainneachd teagmach mun techneòlas sin.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur e cion luchd-obrach is coireach nach urrainn dhaibh seirbheisean cùraim a thoirt seachad aig làn ìre. Thuirt Cathraiche Choimhearsnachdan 's Taigheadais na Comhairle, Kenny John MacLeòid, ged a tha iad air luchd-obrach fhasdadh bho chion ghoirid gu bheil iad fhathast mu 38 dreuchdan gann air an àireamh a dh'iarradh iad.