
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh cead cìs a chur air feadhainn a bheir leotha bhanaichean-campachaidh dha na h-Eileanan.
Tha dragh air a bhith ann bho chionn ùine gu bheil na carbadan a' toirt an àirde cus rùm air na h-aiseagan, 's gu bheil cuid de dhaoine aig a bheil bhanaichean-campachaidh air a bhith a' fàgail tuilleadh is cus sgudail às an dèidh.
Dh'aontaich Comataidh na Còmhdhail 's a' Bhun-structair aig a' chomhairle Diciadain gum bu chòir sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba airson cead a shireadh cìs a chur air luchd nam bhanaichean-campachaidh a thadhlas air na h-Eileanan Siar.
Thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu robh iad cuideachd airson bruidhinn ri CalMac mun chùis leis gu bheil iad a' miannachadh gun deadh na cìsean a thogail aig na puirt no air na bàtaichean-aiseig.
Ciallach
Thuirt Mgr Dòmhnallach: "Chan ann idir a' gearainn mu dheidhinn luchd-turais a bhith a' tighinn a-steach dha na h-eileanan a tha sinn."
"Tha sinn airson far a bheil làraich shònraichte air a comharrachadh airson daoine a bhith a' tighinn chun nam machraichean againn agus gu na tràighean againn, tha sinn airson gum bi iad ciallach agus cothromach san dòigh anns a bheil iad gan giulain fhèin."
Tha a' chomhairle airson gum bi a' chìs air a chur an sàs ron ath sheasan.
Tha Ministearan Albannach an-dràsta ag obair air reachdas ùr a bheireadh cumhachdan ùra do dh'ùghdarrasan ionadail cìs a chur air luchd-turais a dheadh a chosg air bun-structair agus seirbheisean ionadail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2021

- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2021
