Duine fo chasaid co-cheangailte ri bàs speireige

  • Air fhoillseachadh
SpeireagTùs an deilbh, Steve Knell/RSPB
Fo-thiotal an deilbh,

Tha eadar 8,000 agus 12,000 càraid speirige ann an Alba

Chaidh fireannach a chur fo chasaid co-cheangailte ri mar a chaidh eun-creachaidh fhaighinn marbh air Ghàidhealtachd.

Fhuair na Poilis fios Diardaoin seo chaidh gun deach closach speireige a lorg deas air Inbhir Nis.

An dèidh rannsachaidh, chuir iad fireannach aois 22 bliadhna an grèim, 's e a-niste fo chasaid.

Thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Thuirt an t-Àrd Superintenent Laura McLuckie, prìomh oifigear Poileas Alba airson eucoirean fiadh-bheatha: "Tha sinn gu mòr airson dèiligeadh ri eucoirean fiadh-bheatha air a' Ghàidhealtachd agus a bhith ag obair gu dlùth le diofar bhuidhnean airson dèanamh cinnteach gun tèid gach cùis a sgrùdadh gu mionaideach.

"Tha fios againn gu bheil an cuspair seo cudromach do dhaoine air feadh na sgìre agus bhrosnaichinn duine sam bith le dragh mu eucoir an aghaidh fiadh-bheatha fios a chur air Poileas Alba."