Naidheachdan 11:00m

Ailig Salmond

Thuirt poilis gu bheil iad a' sgrùdadh an ann gu mì-laghail a chaidh fiosrachadh a sgaoileadh mu rannsachadh Riaghaltas na h-Alba air casaidean gun robh an seann Phrìomh Mhinistear Ailig Salmond ri sàrachadh feiseil. Nochd aithrisean mu dhol-a-mach Mhgr Salmond an toiseach anns an Daily Record san Lùnastal ann an 2018. Ach dh'fhaillich air Riaghaltas na h-Alba, agus air Coimiseanair an Fhiosrachaidh, dèanamh a-mach cò às an d' fhuair am pàipear-naidheachd am fiosrachadh sin. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach can iad dad mu rannsachadh poilis a tha fhathast a' dol air adhart.

Drogaichean

Thuirt Ministear Poileasaidh Dhrogaichean Riaghaltas na h-Alba, Angela Constance, nach e a bhith a' cur dhaoine an grèim an dòigh air dèiligeadh ris an èiginn a th' ann le àireamh a' bhàis le drogaichean mì-laghail. Tha sin an dèidh dearbhadh bhon Mhorair Tagraidh gum bi tuilleadh chumhachdan aig poilis rabhadh a thoirt seachad do dh'fheadhainn a thèid a ghlacadh le drogaichean aig Ìre A, seach an cur fo chasaid. Tha Tòraidhean na h-Alba ag ràdh gu bheil an co-dhùnadh sin a' gabhail gnothaich gun chead ris an lagh.

A' Ghnàth-Shìde

Dh'iarr Boris Johnson air ceannardan an t-saoghail dùsgadh dhan chunnart bho atharrachadh na gnàth-shìde. Thug am Prìomhaire rabhadh do dh'Àrd-Sheanadh nan Dùthchannan Aonaichte, gum bi cron nach gabh leasachadh ann mura gluais iad gu h-aithghearr.

Glaschu

Chaidh plana sa bheil luach £30bn fhoillseachadh airson ath-leasachadh air Glaschu, 's a tha a' toirt prìomhachais do ghearradh truailleadh chàrboin a' bhaile. Tha comhairle a' bhaile an dòchas airgead a tharraing à dùthchannan eile fhad 's a tha aire an t-saoghail air àrd-choinneamh na h-àrainneachd, COP26, ann an Glaschu san t-Samhain. Tha am plana ag amas, am measg rudan eile, air teas a tharraing bho Abhainn Chluaidh, agus lìonra rèile aotrom a dhèanadh ceangal ri seachd sgìrean comhairle eile.

Bhanaichean-campachaidh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh cead Riaghaltas na h-Alba airson cìs air bhanaichean-campachaidh a bhios a' tadhal air na h-eileanan. Dh'aontaich Comataidh na Còmhdhail agus a' Bhun-structair an-dè còmhradh mu chìs iarraidh leis an Riaghaltas, gnìomhachas na turasachd, agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn, agus gearainnean ann mun àite a tha na bhanaichean-campachaidh a' gabhail dhaibh fhèin air na bàtaichean-aiseig, agus mun sgudal a tha feadhainn dhiubh a' fàgail às an dèidh.

MV Hebrides

Tha dùil ri brath bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn mu na seirbheisean eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh an dèidh dearbhadh air cùis Chovid air ball de chriutha a' bhàt-aiseig an Hebrides. Cha sheòl i a-rithist gus am bi glanadh mionaideach oirre, agus gus an cruinnich iad criutha eile.