Seudraidh le clach Lingreabhaigh ga taisbeanadh
Tha pìos seudraidh shònraichte ri fhaicinn ann an taigh staile Na Hearadh, a bha roimhe air a thaisbeanadh san Lanntair ann an Steòrnabhagh.
Chaidh a dhèanamh mar chomharra air Tùsanach Aimeireaganach, Sulian Stone Eagle Herney, à Alba Nuadh.
O chionn 30 bliadhna bha esan am-measg an fheadhainn a bha a' strì an aghaidh cuaraidh mòr a stèidheachadh faisg air Lingreabhagh sna Hearadh.
Cha tàinig na planaichean riamh gu bith.
Seo Shona Nic a' Phiocair.