Sgeama ùr 'son ceòl is ealain a theagasg ann an sgoiltean

  • Air fhoillseachadh
Fidheall

Gheibh luchd-ealain agus luchd-ciùil a chaill obair air sgàth buaidh Covid-19 cothrom clann-sgoile a theagasg mar phàirt de sgeama ùr bho Fhèisean nan Gàidheal.

Bidh mu 50 neach ri obair-teagaisg ann am bun-sgoiltean air feadh choimhearsnachdan eileanach na h-Alba gus buidhnean-obrach a ruith air cultar, cànan agus dualchas nan sgìrean.

Se "Treòir" ainm Gàidhlig a' phrògraim a tha ag amas luchd-oideachaidh a chur gu còrr is 100 bun-sgoil uile gu lèir.

Bidh a' mhòr-chuid de na clasaichean - ann an cuspairean leithid drama, ealain, ceòl agus dannsa - air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig no tro dhualchaintean nan sgìrean fhèin.

Cothrom

Se Fèisean nan Gaidheal a bhios a' ruith a' phrògraim a bhios anns na h-Eileanan an Iar, Arcaibh, Sealtainn, Earra Ghàidheal is Bòd, air Ghàidhealtachd agus ann an Siorrachd Àir a Tuath.

Bidh am prògram aithnichte mar "Voar" ann an Sealtainn agus "Virr" ann an Albais.

Gheibh an luchd-oideachaidh taic bho Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus gheibh iad teisteanas airson an cuid obrach.

'S e Riaghaltas na h-Alba a tha a' maoineachadh a' phrògraim le cuid den airgead a' tighinn bhon stòras a chaidh a stèidheachadh airson Plana Nàiseanta nan Eilean a chur an sàs.

Thuirt Fèisean nan Gàidheal gur e cothrom sònraichte bha seo luchd-ciùil agus luchd-ealain a tha ag obair air an ceann fhèin a chuideachadh.