Naidheachdan 11:00m
Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, George Eustice, nach eil planaichean sam bith ann, an-dràsta co-dhiù, an t-arm a thoirt a-steach airson a bhith a' cuideachadh le bhith toirt connaidh gu stèiseanan peatrail ann am pàirtean den dùthaich far a bheil gainnead ann. Tha Mgr Eustice ag iarraidh air daoine na carbadan aca a lìonadh mar as àbhaist agus e a' coireachadh cus dhaoine a bhith ceannach connaidh airson na loidhnichean fada de dhaoine a tha air a bhith a' feitheamh thar nan làithean mu dheireadh. Tha gainnead air na mìltean de stèiseanan air feadh na dùthcha. Thuirt Iain Swinney, Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, gu robh ministearan Albannach air a bhith ann an còmhraidhean le companaidhean connaidh agus gu bheil an siostam fo chuideam gu dearbha.
Tha am Pàrtaidh Làbarach ag ràdh nam buannaicheadh iadsan an ath thaghadh gun toireadh iad lùghdachadh air reitichean gnìomhachais agus gun cuiridh iad às dhuibh uile gu lèir aig a' cheann thall. Bhiodh seo mar dhòigh gus cuideachadh a thoirt do dh'àrd shràidean na dùthcha. Tha am pàrtaidh a' cumail na co-labhairt bliadhnail aca ann am Brighton agus tha iad ag ràdh gun cruthaicheadh iad cìs co-cheangailte ri togalaichean a tha iad ag ràdh a chuireadh uallach a bharrachd air companaidhean mòra teicneòlais barrachd airgid a phàigheadh.
Tha Deamocrataich Shòisealta na Gearmailt a' tòiseachadh a' feuchainn ri riaghaltas ùr a' stèidheachadh. Bhuannaich iad beagan a bharrachd bhòtaichean anns an taghadh na an CDU - am pàrtaidh aig Angela Merkel. Chan eil mòr chuid aig taobh seach taobh, ge-tà, agus mar sin tha an CDU ag ràdh gu feuch iad fhèin ri co-bhanntachd riaghlaidh a stèidheachadh.
Tha an rannsachadh oifigeil air spreadhadh Mhanchester a' leantainn an-diugh agus thèid fianais a thoirt seachad mu chùis Eilidh NicLeòid - an nighean òg à Barraigh a chaill a beatha - a thuilleadh air dithis eile a chaidh a mharbhadh. Chaill dà dhuine fichead am beatha uile gu lèir nuair a spreadh bomair fèin-mhairbhteach e fhèin air taobh a-muigh cuirm-ciùil Ariana Grande ann an 2017. Thathar ag innse aig an rannsachadh dè dìreach a thachair dhan fheadhainn a chaill am beatha.
Tha crith-thalmhainn làidir air Eilean Chrete anns a' Ghrèig a bhualadh tràth madainn an-diugh. Tha na meadhanan an sin ag aithris gun do chaill co-dhiù aona duine am beatha. Thathar cuideachd ag aithris gun deach daoine a ghlacadh ann an togalaichean a chaidh a mhilleadh agus gun deach an goirteachadh.
Thèid dàibhearan poilis a chuir an sàs airson sgrùdadh a dhèanamh air Abhainn Chluaidh mar phàirt den iomairt thèarainteachd air thoiseach air co-labhairt mhòr atharrachadh na gnàth-aimsire ann an Glaschu, COP26. Bidh na h-oifigearan ag obair air an abhainn agus air bruaichean na h-aibhne air thoiseach air COP a tha a' dol aig an SECC agus an sgìre mu thimcheall air an sin bhon latha mu dheireadh den ath mhìos airson cola-deug.