Bòrd slàinte duilich mu mhearachd le litrichean

  • Air fhoillseachadh
Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air leisgeul a thabhann airson mearachd ann an litrichean a chur iad gu cuid san Rubha ann an Leòdhas.

Chaidh cuireadh a thoirt do dhaoine a dhol airson an treas dòs de bhanachdach a' Choròna-bhìorais, ach b' e banachdach a' flù a bha am bòrd slàinte a' ciallachadh.

Tha iad ag iarraidh air daoine a dhol airson na banachdaich, Diluain, mar a chaidh fhaighneachd dhaibh.