
Nochdaidh triùir aig Ionad Ceartais Inbhir Nis Diardaoin agus iad fo chasaid co-cheangailte ri eucoir dhrogaichean.
Chaidh dithis fhireannach, 30 agus 43, agus boireannach, a tha 42, a chur an grèim Dimàirt an dèidh do na poilis stad a chur air carbad air an A9 faisg aig Baile Ùr an t-Slèibh.
Chaidh lorg fhaighinn heroin agus cocain luach £22,000.