Co-chomhairle mu sgìre sgoile FTMG an Obar Dheathain

Tha dragh air pàrantan ann an Obar Dheathain, a tha ag iarraidh foghlam Gàidhlig dhan cuid chloinne, mu mholadh lughdachadh a thoirt air sgìre sgoile an aon aonad Ghàidhlig sa bhaile.

Tha conaltradh poblach a' dol an-dràsta a thaobh chrìochan an aonaid le Comann nam Pàrant Nàiseanta ag ràdh gu bheil na tha Comhairle Obar Dheathain a' moladh na chunnart dha foghlam Gàidhlig sa bhaile.

Tha tuilleadh aig Màiri Riddoch.