Taic do phròiseactan air cladaichean na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Toirbheartan
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair sia pròiseactan coimhearsnachd air oirthir na Gàidhealtachd buannachd às a' mhaoin ùr.

'S e stòras ùr a th' ann am Maoin nan Coimhearsnachdan Cladaich a chaidh a stèidheachadh airson taic a thoirt do leasachadh sheasmach agus ath-shlànachadh eaconamach do sgìrean air oirthir na Gàidhealtachd.

Tha an t-airgead a' tighinn bho theachd a-steach Oighreachd a' Chrùin aig Riaghaltas na h-Alba.

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd cuibhreann airson dà bhliadhna luach £3,034,703 uile gu lèir.

Dh'aontaich a' chomataidh a tha ga roinn a-mach aig Comhairle na Gàidhealtachd grantaichean luach £313,000 a thoirt seachad do shia pròiseactan san sgìre.

Pròiseactan coimhearsnachd cladaich

Gheibh Iomairt Ceann a Tuath na Gàidhealtachd £30,000 airson pròiseactan an Cataibh, Gallaibh agus Ros & Cromba a tha ag amas air dèiligeadh ri buaidh turasachd air slighe an NC500 gu sònraichte, agus buaidh Chovid air coimhearsnachdan cugallach.

Tha £54,250 a' dol gu Geopark Iar-Thuath na Gàidhealtachd airson slighe dualchais an cois na mara a stèidheachadh eadar Ulapul agus Sgeara.

Tha a' bhuidheann chathrannais, Slighean a' Chinn a Tuath, a' faighinn £67,720 a leigeas leotha cur a-steach airson taic-airgid calpa airson an ceum a leasachadh.

Cosgaidh Cluba Bìdhe agus Dibhe na Gàidhealtachd £30,000 airson biadh agus deoch às an sgìre a chur air adhart le bhith a' cur air dòigh Clubaichean Suipeire.

Chaidh £86,784 a thoirt do Cho-bhanntachd Chladaichean Linne Mhoireibh a chuidicheas iad ann a bhith a' fastadh Co-òrdanaiche Glèidheadh na Mara thairis air dà bhliadhna.

Chaidh an siathamh grant luach £45,000 do Phròiseact Chur-seachadan a' Bhlàir a-Muigh ann an Cataibh airson slighean coiseachd agus rothaireachd a leasachadh eadar Brùra agus Goillspidh.