
Anna agus Iain Fearghasdan a fhuair banachdach am flu agus dòs a bharrachd de bhanachdaich Covid.
Chaidh a' chiad chlionaig a chumail ann an Leòdhas far am faigh daoine an dà chuid banachdach am flu agus dòs a bharrachd de bhanachdaich Covid-19 aig an aon àm.
Fhuair faisg air 100 duine thairis air aois 65 cuireadh a dhol gu Ionad Stoodie ann an Garabost Diluain, agus bidh clionaig eile san sgìre Dimàirt.
Bha Anna agus Iain Fearghasdan, à Port Mholair, air an dòigh an dà bhanachdach fhaighinn Diluain.
Thuirt Anna: "Bidh sinn a' faighinn banachdach am flu a h-uile bliadhna agus fhuair sinn mar-thà an dà dhòs de bhanachdaich Covid.
"Cha robh duilgheadasan sam bith againn leis an sin agus tha sinn taingeil dhan NHS gu bheil iad rim faotainn.
"Tha sinn a' brosnachadh dhaoine a gheibh cuireadh gun leisg a bhith orra a' bhanachdach a ghabhail."
Tha clionaigean eile gu bhith ann air feadh nan Eilean Siar an t-seachdain seo aig ionadan coimhearsnachd ann an Nis, Ùig, Càrlabhagh, an Tairbeart, Baile a' Mhanaich agus Bàgh a' Chaisteil.