Càin a thaobh tubaist an Inbhir Theòrsa

  • Air fhoillseachadh
JCBTùs an deilbh, Oifis a' Chrùin

Chaidh càin a chur air fear à Inbhir Ùige às dèidh dha fireannach air a bhith air a dhroch leòn ann an tubaist an Inbhir Theòrsa.

Aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Ùige, dh'aidich Uilleam Swanson gun do bhris e riaghailtean slàinte is sàbhailteachd a thaobh a bhith ag obair air mullach thogalaichean agus chaidh càin £2,000 a chur air.

Chuala a' chùirt gun robh Swanson agus dithis luchd-obrach a' cur mullach cement agus solais perspex ùra air taigh-stòraidh gràin aig Tuathanas Wester Olrig air an 25mh den t-Sultain 2019.

Planadh

Bha iad air àradh a chleachdadh 'son sreap gu mullach an togalaich agus bha iad a' dol a chleachdadh JCB airson na seann phìosan cement a thoirt air falbh.

Rinn a' chiad neach-obrach an gnothach air faighinn suas agus choisich esan tarsaing a' mhullaich a' seasamh air na boltaichean a bha a' cumail nam pìosan cement ris na pìosan stàilinn.

Perspex bristeTùs an deilbh, Oifis a' Chrùin
Fo-thiotal an deilbh,

Thuit an neach-obrach 4.5 meataran gu làr concrete air an 25mh Sultain 2019.

Chaidh an dàrna neach-obrach suas ach chuir esan a chas air pìos perspex a bha còmhdaichte le còinneach agus thuit am perspex air falbh leis an duine a' tuiteam 4.5 meataran air làr concrete gu h-ìosail.

Nuair a thuit e, bhris an duine a chlaigeann, aisnean, a pheilbhis agus caol a' dhùirn. Tha e fhathast a' faighinn cùraim is thug an tubaist buaidh air a chuimhne cuideachd.

Fhuair Roinn na Slàinte is na Sàbhailteachd nach robh Uilleam Swanson air planadh ceart a chur air dòigh airson na h-obrach.

Cha robh bùird airson a bhith cradhladh tarsaing a' mhullaich, agus cha deach lìon a chur an sàs fon a' mhullaich a dh'fhaodadh stad a chur air an duine a bhith tuiteam cho fada.

Dhùin a' chompanaidh aig Uilleam Swanson, LTS Construction, anns an Lùnastal 2020.

Thuirt Ceannard Roinn na Slàinte is na Sàbhailteachd, Alastair Duncan, gum faodadh an tubaist seo a bhith air a seachnadh na b' e is gun robh Uilleam Swanson air rudan a dhèanamh ro-làimhe airson cùisean a dhèanamh nas sàbhailte.

"Dh'fhaodadh an tubaist seo air bàs aobhrachadh, agus tha e air cron uamhasach a dhèanamh air beatha an duine a chaidh a ghoirteachadh.

"Tha mi an dòchas gun cur an dìteadh seo an cuimhne luchd-fasdaidh mura h-eil iad a' toirt làn aire air na dleasadanasan a tha orra a thaobh slàinte is sàbhailteachd an luchd-obrach aca, gum bi ceannachd aca air agus gun tèid an toirt gu cùirt airson nam fàilligidean sin", thuirt e.