
Thuirt NHS nan Eilean Siar gum bi dàil co-dhiù trì là ann mus faigh daoine toradh dheuchainnean Covid ri linn trioblaidean teicnigeach aig an deuchainn-lann ann an Steòrnabhagh.
Tha sin a' ciallachadh gum feumar deuchainnean PCR a chur gu ionad ann an Dùn Èideann airson sgrùdadh.
Thuirt iad gun cuireadh sin mu 72 uairean de thìde ris an ùine a dh'fheumas daoine feitheamh airson buil deuchainn
Tha an t-ùghdarras slàinte ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri uidheamachd ùr fhaighinn ach nach eil fhios aca dè cho fada 's a bheir seo.
Tha iad ag ràdh gu bheil siostam deuchainn fa leth ann do chùisean èiginneach far a bheil cùram ospadail a dhìth - far an tèid deuchainnean a mheasadh gu h-ionadail.
Dh' iarr an t-ùghdarras slàinte air a' phoball an leisgeul a ghabhail agus thuirt iad gun cumadh iad fios riutha mun t-suidheachadh