
Dhearbh Network Rail gun tèid obair-càraidh deatamach a dhèanamh air crois-rèile Ghairbh a' fàgail gum bi rathad an A835 dùinte tron oidhche air a 30mh Dàmhair.
Thuirt Network Rail gu bheil a' chrois-rèile a th'ann an dràsta cho sean agus thèid sin a thoirt às agus rèilichean ùra a chur sìos.
Thuirt Manaidsear Obair-ghléidhidh bun-structar na companaidh, Natalie Montgomery gu bheil an obair deatamach leis gur e seo a' phrìomh loighne eadar Caol Loch Aillse agus Inbhir Nis.
'Tha an t-seann rèile feumach air ùrachadh agus feumaidh sinn seo a' dhèanamh mus tig droch thìde a' gheamhraidh, rud a tha gu h-àraidh na dhùbhlain air a' Ghàidhealtachd.
Tha sinn a' tuigsinn gum bi an obair tron oidhche a' cur dragh air luchd-còmhnaidh Ghàirbh agus a' cur bacadh air dràibhearan, ach ni sinn an obair cho luath is as urrainn.
Clàr-ama
'Bidh buannachd an luib na h-obrach agus le bhith ga dhèanamh an dràsta, cha bhith feum a dhol faisg air a-rithist airson bliadhnaichean' thuirt i.
Bidh a' chlàr-ama airson an rathad aig Garbh mar a leanas:
Darna leth den rathad dùinte 19:30 gu 22:00 Disathairne 30mh Dàmhair
Rathad dùinte gu leìr 22:00 Disathairne 30 gu 08:00 Didòmhnaich 31 Dàmhair
Darna leth den rathad dùinte 08:00 gu 16:00 Didòmhnaich 31 Dàmhair
Fhad's a tha an rathad gu lèir duinte chan fhaigh carabadan sam bith seachad ach a' mhàin carabadan èiginn.
Nuair a tha an dàrna leth den rathad dùinte bi solais trafaig a' stiùireadh dhràibhearan.