
Tha luchd-iomairt bhon bhuidhinn Extinction Rebellion air iomairt a thòiseachadh aig ionad chlàran-ola ann an Inbhir Ghòrdain.
Stèidhich an luchd-iomairt clàr-ola ceithir meatar a dh'fhaid aig geataichean an ionaid is bratach air a tha ag ràdh "Please decommission me".
Tha cuid den luchd-iomairt cuideachd air an glasadh fhèin ri baraillean ola.
Thòisich an iomairt goirid ro 7.00 madainn Diciadain.
Ann am brath air na meadhanan sòisealta, thuirt Extinction Rebellion Alba gum feum obair air connadh fosail stad is gum bu chòir taic a bhith ann 'son luchd-obrach 'son gluasad gu obraichean ann an dì-choimiseanadh is cumhachd ath-nuadhachail.
Thuirt Ùghdarras Phort Linne Chromba gur e gnothach a th' ann do Phoileas Alba is gu bheil poilis aig an làraich.