Iomairt gus tilleadh gu Rosail

  • Air fhoillseachadh
RosailTùs an deilbh, Gordon Hatton/Geograph

Tha coimhearsnachdan a' Bhlàrain Odhar, Srath Nabhair agus Allt na h-Eirbhe ag obair còmhla 'son sealbh fhaighinn air làrach eachdraidheil ann an Dùthaich MhicAoidh.

'S ann aig toiseach na 19mh linne a bha daoine a' fuireach ann an Rosail mu dheireadh, mus deach an cur às an fhearann aig àm nam Fuadaichean.

Bha pàirt mhòr, gu dearbha, aig baile Rosail ann an sgeulachd nam Fuadaichean.

B' ann às a' bhaile a bha fear Dòmhnall MacLeòid, a sgrìobh leabhar, Gloomy Memories, mu mar a chaidh sluagh na sgìre a ruaigeadh chun a' chladaich, 's mòran aca nas fhaide na sin, thar sàile.

Tilleadh Dhachaigh

An-diugh, chan eil ann ach tobhtaichean nan seann dachannan air fhàgail, a thuilleadh air carragh-cuimhne do Dhòmhnall MacLeòid.

Tha plana ann a-niste ge-tà, gus an t-àite ath-bheothachadh beagan, 's a chur air ais fo stiùir nan daoine.

'S ann le Fearann agus Coilltearachd Alba a tha an talamh an-dràsta, ach toiseach na bliadhna seo, dh'aontaich Urras Coille Coimhearsnachd Dhùthaich MhicAoidh, cuide ri muinntir a' Bhlàrain Odhair, Srath Nabhair agus Allt na h-Eirbhe, gun obraicheadh iad còmhla gus am fearann a cheannach.

"Tha e a' faireachdainn caran mar a bhith a' cur ceart eucoir a rinneadh air a' choimhearsnachd," thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Alasdair Easthope.

"Chaidh daoine a ruaigeadh far an fhearainn seo, agus a bhith comasach air daoine a thoirt air ais, ged nach b' ann dhan bhaile fhèin, ach dhan fhearann mu thimcheall, bidh sin a' faireachdainn coltach ri bhith a' tilleadh dhachaigh.

"Mar sgìre, tha Cataibh - gu h-àraid Dùthaich MhicAoidh - fhathast a' call a sluaigh.

"Chan eil ach na h-uimhir de ghoireasan mun cuairt an seo, 's tha sin a' cur dhaoine dheth.

"Feumaidh daoine an sgìre fhàgail airson obair fhaighinn.

"'S tha duilgheadasan ann a thaobh taighean a ghabhas faighinn le muinntir an àite.

"Tha sinn, mar sin, an dòchas gun tèid againn, ann an dòigh bhig, air cuid de na trioblaidean sin a chur ceart.

"Pàirt dheth 's e a bhith a' toirt deimhinneachd dhan choimhearsnachd

"Tha e cho furasta a bhith air do ghacadh ann an sealladh-inntinn a tha a' gabhail ris gun lean an crìonadh," thuirt e.

Croitean Coille

Sheall ceisteachan a chaidh a sgaoileadh sa choimhearsnachd gu bheil taic làidir ann bhon mhòr-shluagh san sgìre gun tachair na thathas a' moladh.

"Tha a' choimhearsnachd gu mòr airson an t-inbhe a th' aig Rosail a ghlèidheadh, agus a dhèanamh nas fhasa a bhith a' taisbeanadh do dhaoine mar a chaidh am baile fhuadachadh sa chiad dol-a-mach," thuirt Mgr Easthope.

"Tha Urras Coille na Coimhearsnachd cuideachd gu mòr airson am fearann timcheall a' bhaile a leasachadh, gus a dhèanamh nas luachmhoire dhan choimhearsnachd, le leithid chroitean coille 's bothain, ceuman coise a leudachadh, 's a dhèanamh nas fheàrr mar àite air an tadhail daoine.

"Tha mu 168 acaire fearainn sa choille agus sa bhaile fhèin, le mu 50 acaire dheth sin sa bhaile fhèin."

Thathas a' feitheamh fios bho Mhaoin Fearainn na h-Alba an-dràsta, le dùil gun tig sin toiseach na h-ath-mhìos.

Ma thèid leotha, bidh iad an dòchas sgìre a th' air a bhith bàn fad 200 bliadhna a thoirt beò uair eile, 's cuimhneachan nach eil cho gruamach a chruthachadh ann.