Ralaidh Mhuile

Thòisich Ralaidh Mhuile oidhche haoine. Tha an Ralaidh ga ruith air rathaidean an eilein a tha duinte don phobail aig àmanan thairis air an deireadh sheachdain - tron latha agus tron oidhche.

Am bliadhna tha e rud beag diofraichte leis gu bheil mar phàirt de dh' Fharpais Ralaidh Bhreatainn - ach mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris, tha balaich an eilein misneachail mu na cothroman aca.