Còmhradh le Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air ais. Às deidh dha a bhith air a chur dheth an-uiridh air sgàth a' phandemic thòisich am Mòd ann an Inbhir Nis oidhche Haoine.
Tha na farpaisean as motha a' tilleadh am bliadhna, ged a tha gu leòr de thachartasan cuideachd air loidhne a-mhàin.
Fhuair Anndra MacFhionghain facal air Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich goirid ron chuirm fhosglaidh.