Naidheachdan 11:00m
Covid
Tha rannsachadh le buidhinn de bhuill-phàrlamaid thar-phàrtaidh ag ràdh gun robh an Riaghaltas ro shlaodach ann a bhith a' cur an sàs a' chiad ghlasadh-sluaigh an-uiridh, 's gun deach beatha dhaoine a chall air a shàilleabh. Chaidh càineadh cuideachd a dhèanamh air cho slaodach 's a bha e, 's am bùrach a bh' ann nuair a thòisich prògram Test and Trace, agus mar a dh'fhaillich air na h-ùghdarrasan dachaighean-cùraim a dhìon. Rinn iad moladh air prògram na banachdaich, agus cho èifeachdach 's a bha sin.
Prìs a' Ghas
Tha ceannardan gnothachais ag ràdh gu bheil iad dòchasach gun cuir Boris Johnson, am Prìomhaire, taic ri iasadan èiginneach do ghnìomhachasan a tha ga fhaighinn doirbh dèiligeadh ri cho àrd 's a tha prìsean gas an-dràsta. Thathar an dùil gu bheil Roinn an Ionmhais a' sgrùdadh a' mholaidh, ach tha Sràid Dhowning air diùltadh càil a bharrachd a ràdh. Tha cuid de ghnìomhachasan saimeant, glainne, stuthan ceimigeach agus pàipeir, air rabhadh gum feumaiste factaraidhean a dhùnadh.
Cosnadh
Chùm an àireamh dhaoine a th' ann an obair ag èirigh thairis air na trì mìosan mu dheireadh ann an Alba a rèir àireamhan oifigeil. Tha Oifis Nàiseanta nan Staitistig ag ràdh gun robh còrr air 2,600,000 duine eadar 16 agus 64 ann an cosnadh eadar an t-Ògmhios 's an Lùnastal. Tha seo an dèidh àrdachadh eile anns na h-àireamhan mu dheireadh air a' mhìos a dh'fhalbh. Tha an ìre de dhaoine aig nach eil cosnadh aig 4.4% air feadh na dùthcha.
Port Rìgh
Tha dùil aig Buidheann Taigheadais Loch Aillse agus an Eilein Sgitheanaich leasachadh mòr thaighean a dhèanamh ann am Port Rìgh. Tha planaichean aca 250 dachaigh ùr a thogail aig fearann aig Cill Tharghlain, ann an ceann a tuath a' bhaile. Bidh cuid de na taighean rim faotainn, ach cuideachd bidh taighean ann a thèid a reic tro sgeamaichean taice.
Craobhan Nollaige
Tha fear a tha a' reic chraobhan Nollaige ann an Dùn Phàrlain air dòigh ùr fhaighinn gus na craobhan fhaighinn gu daoine am-bliadhna 's gainnead de dhràibhearan oifigeil ann airson stuth a lìbhrigeadh. Tha Matthew Corrie a tha a' ruith Fife Christmas Trees a' tabhann airgid far na craoibhe do dhaoine ma tha iad deònach craobh a thoirt gu cuideigin eile a bharrachd air an tè aca fhèin.