Chaidh corp a lorg ann am Barbhas

  • Air fhoillseachadh
Police Alba

Thuirt Poilis Alba gun deach corp a lorg ann am Barbhas.

Chaidh a lorg aig Abhainn Tharstol faisg air Sràid an Locha ann am Barbhas mu 8:00m. Dimàirt.

Cha deach ainmeachadh gu h-oifigeil fhathast.

Ach chaidh innse do theaghlach Donnie Scott, aois 42, nach fhacas bho Dhiluain.